Bliadhna ùr, mise às ùr – nach e sin an abairt? Tha fios againn a-nis gu bheil na meadhanan sòisealta mar inneal a tha a’ gluasad is ag atharrachadh fad na h-ùine, agus cha bhi sin diofraichte idir ann an 2023. Agus le sin, tha sinn den bheachd gum bi sinn a’ gluasad air falbh bho na meadhanan sòisealta san dòigh air a bheil sinn eòlach an-dràsta.
Cùm ort a’ leughadh gus faighinn a-mach mu dheidhinn na rudan a tha sinne a’ smaoineachadh a tha gu bhith tarraingeach air na meadhanan sòisealta ann an 2023.
Susbaint
A’ gluasad air falbh bho treandaichean a-mhàin
Tha fuaimean/treandaichean air a bhith na dheagh chothrom d’ ainm fhaighinn a-mach gus am faic daoine ùra an t-susbaint agad, ach, thairis air ùine, ’s urrainn do na duilleagan-dachaigh againn fàs loma-làn leotha. Ann an 2023, tha coltas ann gu bheil luchd-cleachdaidh a-nis a’ gluasad air falbh bhon seòrsa susbaint a tha seo a-mhàin agus a’ cur barrachd uallach agus ùine seachad le bhith a’ coimhead air susbaint a chaidh a chruthachadh gu tùsail, mar sgeulachdan no blogaichean. An t-amas? Tha e nas ùghdarrail.
Chan eil sinn ag ràdh nach bu chòir dhut treandaichean a dhèanamh idir, ach ‘s dòcha gu bheil an t-àm ann airson a bhith a’ smaoineachadh dè eile a dh’fhaodadh a bhith tarraingeach mar shusbaint air na cunntasan agad.
A’ cleachdadh gearradh airson sgeulachdan innse
Mar a thuirt sinn, tha sinn an dùil barrachd bhlogaichean fhaicinn ann an 2023, ach chan ann san dòigh air a bheil sinn air a bhith cleachdte gu ruige seo. Tha aplacaidean-gearraidh air adhartas mòr a dhèanamh sna bliadhnaichean a chaidh seachad agus tha daoine a-nis a’ cleachdadh iad seo airson blogs agus bhidiothan eadar-dhealaichte a chruthachadh a tha tarraingeach, cruthachail agus inntinneach. Agus, tha iad uile cha mhòr gu math furasta ri chleachdadh, gus am b’ urrainn do dhuine sam bith fheuchainn.
Cùm sùil a-mach airson blog ùr a tha a’ tighinn a dh’aithghearr airson stiùireadh fhaighinn air na h-aplacaidean seo is mar a tha iad ag obair.
Margaideachd
Prìomh Fhaclan agus Piseachadh Einnsean-Luirg (Seach Engine Optimisation - SEO)
Bhruidhinn sinn beagan mun seo sa bhlog mu dheireadh againn: a’ piseachadh do chunntas air na meadhanan sòisealta, ach tha Prìomh Fhaclan agus SEO gu bhith na aon de na fòcasan mòra airson na h-innealan-luirg agus ùrlaran meadhanan sòisealta am-bliadhna. A bharrachd air na tagaichean-hais a tha sinn air a bhith eòlach airson iomadach bliadhna, ’s e a’ cleachdadh prìomh fhaclan air mullach na bhidiothan agad gus am bi am bhidio agad a’ nochdadh nas àirde leis an t-algorithm an rud a tha gu bhith air a phutadh ann an 2023.
Faodaidh tu tutorial air Prìomh Fhaclan fhaicinn an seo.
Tha an tip taiceal seo aig LaterMedia: Sgrìobh liosta de na prìomh fhaclan a tha thu a’ smaoineachadh a tha ceangailte ris an t-susbaint/cunntas agad, agus feuch iad air mullach bhidio.
YouTube Shorts
Àite a bharrachd airson susbaint ghoirid, a’ farpaiseach an aghaidh TikTok agus Reels. Is dòcha gu bheil thu a’ smaoineachadh,‘ùrlar eile airson susbaint bhidio ghoirid? Cia mheud a th’ ann a-nis?!’
Bha sinne ag ràdh an aon rud. Ach, ’s dòcha gum bu chòir dhuinn a bhith nar dùisg gu YouTube Shorts ann an 2023.
An-dràsta, gheibh YouTube Shorts suas ri 30B seallaidhean gach latha a rèir Adweek. Tha YouTube dìreach air barrachd cothroman airgeadachadh a thoirt a-mach airson neach-cruthachaidh, agus, ’s e deagh chothrom a th’ ann gus daoine a phutadh gus a bhith a’ coimhead air na bhidiothan as fhaide a th’ agad.
Cleachd an cothrom seo airson ath-phostadh a dhèanamh air an seann susbaint agad airson faicinn mar a tha e ag obair.
Sin agaibh na fàidhireachdan airson nam meadhanan sòisealta airson 2023. A bheil beachdan agad fhèin air dè an ath rud mòr air-loidhne?
Cuir fios thugainn! Agus cuimhnich, cleachd #càrn air an t-susbaint agad gus nach caill sinn e.
Comments