The e uabhasach dùbhlanach greim fhaighinn air na meadhanan-sòisealta, tha e an còmhnaidh a’ faireachdainn gu bheil feartan ùra a nochdadh agus dìreach mar sin, tha an t-algorithm air atharrachadh a-rithist. Ged a tha atharraichean a’ tachairt gu tric, tha rudan ann a ’s urrainn dhut a dhèanamh gus do chunntasan air na meadhanan-sòisealta a phiseachadh airson a bhith nas tarraingaiche no proifeasanta air do chunntas.
1. Bio
Tha e doirbh ri bhith feuchainn ri geàrr-chunntas de thu fhèin a dhèanamh ann an 80 litrichean goirid ach, smaoinich air dè ’s urrainn dhut a ràdh airson gad riochdachadh san dòigh as fheàrr a b’ urrainn dha. A bheil e foilleasach do dhaoine a tha a’ nochdadh air an duilleag agad dè tha thu mu dheidhinn? Dè tha thu ag amas a gheibh daoine a-mach à bhith gad leantainn? Dèan cinnteach gu bheil na h-amasan agad, neo na rudan a tha thu an dùil a bhith a shealltainn air do chunntais, foilleasach.
2. Prìomh fhaclan
Search Engine Optimisation (SEO) neo Piseachadh Einnsean-luirg (PEL) – Dè th’ ann? Gu sìmplidh, tha PEL a’ ciallachadh dè cho àrd sa tha thu a’ nochdadh air liosta nuair a chuireas cuideigin a’ coimhead airson prìomh faclan a tha co-cheangailte riut.
Carson a tha seo cudromach dhutsa ge-tà? Bidh thu a’ cosg ùine susbaint a chruthachadh, is tha thu airson ‘s gum faic daoine na tha thu air an cruthachadh. An robh fios agad gum b’
urrainn dhut suas ri 30 litrichean a chleachdadh nad ainm? Ma tha an àite ann, cleachd iad!
O chionn greis, dh’ atharraich sinne ar n-ainm bho ‘càrn’ gu ‘càrn • gàidhlig’ agus a-nis, nuair a chuireas tu ‘gàidhlig’ a-steach don einnsean-luirg, bidh sinne a’ nochdadh nas àirde oir tha am prìomh facail a tha daoine a’ sireadh san ainm againn. Dè tha thu a’ smaoineachadh a bhios am prìomh facail agadsa?
3. Tagaichean-hais/Prìomh faclan
Uaireanan tha iad a’ faireachdainn beagan dìomhaireach, cuin a bu chòir dhut a bhith gan chleachdadh? Ciamar a bu chòir dhut a bhith gan chleachadh? Dè na seòrsa tagaichean-hais a bu chòir dhut cleachdadh? Bha sinne a’ ceisteachadh an aon rud.
Uill, an robh fios agad gu bheil iomadach diofar seòrsa tagaichean-hais ann airson diofar adhbharan, tha Hootsuite a’ briseadh iad uile sìos sa bhlog acasan. Thathar ag ràdh gum bu chòir dhut a bhith taghadh na feadhain as freagarraiche airson am post agad airson thu fhèin a taisbeanadh chun an luchd-amharc as freagarraiche.
Is iad seo na tagaichean-hais as cumanta san t-saoghail, mholamaid iad sin a sheachnadh gus nach bi an susbaint agad a’ dol air chall annta.
Seo na feadhainn as fheàrr airson Gàidhlig nar beachd. #càrn #gàidhlig #gaidhlig #scottishgaelic #gaelic #cleachdi #scottish
Agus tha #gaeltok cuideachd math air TikTok
Airson tuilleadh ionnsachadh mu tagaichean-hais, thèid gu 'Hashtags: Ultimate guide'
Cuideachd, tha argamaid ann a-nis gu bheil tagaichean-hais a’ fàs ‘seann-fhasanta’. Leis gu bheil ùrlairean mar Instagram agus TikTok a-nis a’ putadh barrachd susbaint bhidio, tha Tyla (air TikTok) a ràdh gum bu chòir dhut a’ cleachdadh prìomh faclan nad bhidio gus a’ nochdadh nas àirde leis an t-algorithm is gu bheil i air buannachd fhaicinn bho bhith dèanamh seo. Faodaidh tu an tutorial aice fhaicinn an seo: Tyla TikTok Strategist
4. Calls-to-Action (CTA)
Tha CTAs ann airson a’ toirt air do luchd-leantainn a’ dèanamh rudeigin. A rèir an amas a tha agad a thaobh na meadhan-sòisealta, ’s urrainn dhaibh a bhith na h-innealean cudromach dhut. Mar as trice, tha iad na deagh chothrom còmhraidhean a thòiseachadh leis an luchd-leantainn agad. Tha diofar seòrsaichean CTAs ri chleachdadh, is faodaidh tu liosta slàn fhaicinn an seo.
Tha a’ faighneachd ceistean am fear a chìtheadh tu as trice ge-tà, mar eisimpleir a bhith a’ faighneachd rudeigin co-cheangailte ris am post agad. Tha eisimpleirean eile ann an seo, far am bi daoine a’ cuir facal tarraingeach aig an toiseach:
Sabhail am post seo airson uaireigin eile
Sgaoil seo ri cuideigin a tha...
Fàg (emoji) ma tha thu ag aontachadh
Lean sinn airson tuilleadh
Sin e! Tha sinn an dòchas gum faigh thu beagan buannachd a-mach às na h-atharraichean beaga seo. Dè am fear a tha thusa dol a’ feuchainn an toiseach?
Clachan beaga, càrn mòr
Cuimhnich #càrn a chleachdadh gus nach caill sinn an t-susbaint agad
Comentarios