Nithear càrn mòr à clachan beaga
’S e amas na h-iomairt seo a bhith a’ taisbeanadh agus a’ comharrachadh neart agus beairteas coimhearsnachd didseatach na Gàidhlig. Aig cridhe càrn, tha susbaint fèin-chruthaichte Gàidhlig (user generated content, no ugc). Bidh càrn a’ foillseachadh susbaint didseatach Gàidhlig thar nam meadhanan sòisealta agus an seo air ar ‘balla beò’. Cleachdaibh #càrn gu faic sinn an t-susbaint agaibh!
Stiùireadh luchd-cleachdaidh:
-
Na cleachdaibh ar suaicheantas no ar logo às aonais ar cead
-
Na cleachdaibh no na toiribh iomradh air ar susbaint ann am fiosan naidheachd
agus stuthan margaidheachd eile às aonais ar cead
Faodar uaireannan ceangal a dhèanamh ri làrach nach eil co-cheangailte ri càrn.
-
Chan eil sinn a’ cur taic ris na làraich ris a bheil sinn a’ ceangal
-
Chan eil sinn cunntachail airson na susbaint no cunntachail airson rud sam bith a thachras ma chleachdas sibh iad.
Luchd-cruathachaidh susbaint
Gheibhear teachdaireachd bho chàrn a’ faighneachd airson cead ur susbaint a sgaoileadh. Le bhith a’ freagairt ‘'S urrainn’, tha sibh ag aontachadh ris na leanas:
-
’S ann agaibh-se a bhios an dlighe-sgrìobhaidh agus sealbh gu lèir air an t-susbaint agaibh.
-
’S dòcha gun cleachd sinn criomagan den t-susbaint agad mar phàirt de shusbaint Càrn fhèin, me, stiùireadh agus molaidhean airson nam meadhanan sòisealta.
-
Faodarsinn meud na susbaint agaibh atharrachadh a rèir diofar ùrlaran.
-
Faodar ur susbaint a thoirt sìos aig àm sam bith air an iarrtas agaibh fhèin.
-
Cha cho-roinn sinn am fiosrachadh pearsanta a bheir sibh dhuinn idir gun innse dhuibh an toiseach. Leugh tuilleadh mu mar a chleachdas sinn an dàta pearsanta agaibh nar Poileasaidh Dìomhaireachd.
-
Tha sinn nur comain gu bheil sibh air ur susbaint a cho-roinn leinn ach chan urrainn dhuinn ur pàigheadh.
-
Le bhith a’ freagairt, ‘Tha’, tha sibh a’ toirt cead dhuinn susbaint bho na sgeulachdan Instagram/Facebook agaibh a ghleidheadh airson 24 uair a thìde.