top of page

A' tòiseachadh cunntas Gàidhlig

’S e coimhearsnachd làidir, thaiceil is chruthachail a th’ ann an coimhearsnachd didseatach na Gàidhlig, agus tha fàilte bhlàth ann an-còmhnaidh airson daoine ùra a' nochdadh air na meadhanan sòisealta. Seo dhuibh 3 molaidhean airson smaoineachadh mu dheidhinn ma tha thu an dùil cunntas a thòiseachadh gus susbaint Ghàidhlig a chruthachadh. 1) Cuspair Mus tòisich thu do chunntas, smaoinich air carson a tha thu airson do chunntas a thòiseachadh agus cò air a tha thu airson bruidhinn.

Cruthaich liosta ghoirid air an t-seòrsa cuspairean air am biodh tu an dùil bruidhinn. Taghadh an seòrsa gnè, an e dòigh-beatha a bhios ann? Fasan? Ceòl? Siubhal? Ionnsachadh?


Na Cuspairean Bhlog As Motha 2022 (a rèir Wix):

1. Biadh

2. Siubhal

3. Slàinte agus fallaineachd

4. Dòigh-beatha

5. Fasan agus bòidhchead

6. Togail dhealbh

7. Pearsanta

8. Ealain & DIY

9. Pàrantachd

10. Ceòl

Nuair a tha thu air an seòrsa gnè a thaghadh, faodaidh tu an uair sin smaoineachadh air an t-seòrsa mheanbh-chuspairean a tha gu bhith agad, seo am pàirt far a bheil thu a’ smaoineachadh air an t-seòrsa postaichean a bhios tu an dùil a chur suas, me, bòidhchead: maise-gnùis no cùram-chraicinn? 2) D’ ainm

Às dèidh smaoineachadh air cuspairean, feumaidh tu ainm chunntais a thaghadh. Ma dh’fhaoidte gu bheil thu airson ainm a thaghadh a tha co-cheangailte ris a’ chuspair agad, me @ceartguleabhar airson cunntas leughaidh, no mur eil thu buileach cinnteach fhathast, is dòcha gu bheil thu airson rudeigin nas fhosgailte a thaghadh, me, @craic_le_kellow, airson measgachadh de dhiofar chuspairean a thaisbeanadh. Bidh

daoine a’ cleachdadh d’ ainm chunntais airson eòlas a chur ort, ’s

mar sin, dèan cinnteach gu bheil e a’ còrdadh riut!

Ma tha thu a’ sireadh bheachdan, feuch air an inneal-ainm seo a chleachdadh. Cuir a-steach na prìomh faclan agad is faic dè nochdas.

3) Amannan-postaidh Mholamaid gun deasaicheadh tu trì pìosan-susbaint co-dhiù mus cuir thu suas a’ chiad fhear air do chunntas. Ma tha beagan eadarag agad, tha sin dol a dhèanamh cùisean nas fhasa dhut airson an t-slighe air adhart. Chan eil càil nas miosa na bhith a’ cur suas do chiad pìos susbaint, tha thu air bhioran, agus an uair sin chan eil ùine agad airson rudeigin eile a chur suas is an uair sin tha beàrn mòr eatarra. Deasaich barrachd air aon agus an uair sin tha rudeigin agad ri chur suas fhad ’s a tha thu a’ deasachadh feadhainn ùra. Bidh seo a’ toirt taic dhut ma tha thu an dùil a bhith a’ cur rudan suas gu tric. Mar a bhios fios againn, tha an t-algorithm ag atharrachadh fad na h-ùine agus tha diofar làraich-lìn a’ moladh diofar rudan a thaobh nan amannan postaidh as fheàrr.

Tha Hootsuite a’ moladh gum bu chòir dhut an t-susbaint agad a chur suas eadar 9m-12f tron t-seachdain airson am buannachd as motha fhaighinn a-mach às, ach tha LaterMedia a’ moladh 7f air Là na Sabaid... san fharsaingeachd ge-tà, thathar ag ràdh ma tha e math airson a sgaoileadh, chan eil e gu diofar cuin a chuireas tu suas do chuid susbaint oir còrdaidh e ri daoine. Cluich mun cuairt leis, is obraich a-mach dè tha ag obair dhutsa. Rudan nach bu chòir dhut a bhith a’ smaoineachadh mu dheidhinn: · Smaoineachadh nach eil e dol a chòrdadh ri duine – còrdaidh! Tha a h-uile duine eadar-dhealaichte le diofar ùidhean is suidheachaidhean. Còrdaidh an t-susbaint agad ri cuideigin · Smaoineachadh nach eil do Ghàidhlig math gu leòr - tha a h-uile duine aig diofar ìrean a thaobh fileantachd, tha cothrom ann an-còmhnaidh airson faclan ùra ionnsachadh agus sgilean a leasachadh. Bhiodh fàilte bhlàth romhad, ge bith bheil thu nad neach-ionnsachaidh no fileanta no measgachadh den dà shuidheachadh. · Likes/Follows – Uaireannan tha e doirbh gun a bhith a’ smaoineachadh mu na h-àireamhan, ach cuir am fòcas agad air carson a tha an cunntas agad, dèan dhut fhèin e agus bidh daoine eile a’ dol leat. Clachan beaga, càrn mòr

Cuimhnich #càrn a chleachdadh gus nach caill sinn an t-susbaint agad

0 comments

תגובות


bottom of page