top of page

Dè tha a' cur stad ort susbaint Ghàidhlig a chruthachadh?

Dh’fhaighnich sinne, fhreagair sibhse. Chuir sinn a’ cheist oirbh – ma tha ùidh agad ann a bhith a’ cruthachadh susbaint Ghàidhlig, dè tha a’ cur bacadh ort sin a dhèanamh?


Fhuair sinn freagairtean air ais, agus seo dhuibh molaidhean airson beagan taic a thoirt dhut le bhith a’ fuasgladh nan duilgheadasan sin.


“Chan eil na sgilean teicnigeach agam”

Tha an t-uabhas diofar rudan ri fhaighinn a-nis a thaobh gearradh is mar sin air adhart, tha e doirbh a bhith a’ cumail suas leis an ùrarachd a thaobh teicneòlas. Uaireannan, 's urrainn do na h-aplacaidean gearraidh air ùrlaran nam meadhanan sòisealta a bhith neo-earbsach is duilich ri chleachdadh, ach tha aplacaidean eile ann a tha nas fheumaile don luchd-chleachdaidh nar beachd.


Is toil leinn a bhith a’ cleachdadh InShot no CapCut airson susbaint a chruthachadh.


InShot – tha iomadh feartan-gearraidh bunaiteach aig InShot a tha furasta ri chleachdadh. Is toil leinn cuideachd gun urrainn dhut àrd-chàileachd de bhidio a shàbhaladh. Tha an aplacaid seo saor an asgaidh, ach feumaidh tu coimhead air sanasan-reic bho àm gu àm fhad ’s a tha thu ga chleachdadh.


CapCut – chaidh CapCut a stèidheachadh gus taic gearraidh a thoirt do TikTok mar prìomhachas. Tha teamplaidean ann a tha furasta ri chleachdadh gus an urrainn dhut leum air treandaichean gu furasta. Cuideachd, tha leabharlann de cheòl saor an asgaidh aca airson a chuir ris na bhidiothan agad.


Cùm sùil a-mach cuideachd airson teamplaidean a tha ri fhaighinn air Reels air Instagram cuideachd, coimhead air an stiùireadh againn an seo, airson tuilleadh fiosrachaidh.


A bharrachd air aplacaidean gearraidh, ma tha thu an dùil rudeigin a cheannach airson taic a thoirt dhut le susbaint a chruthachadh, bheir sùil air blog LaterMedia an seo.


“Chan eil mo chuid Ghàidhlig math gu leòr”


Nì cleachdadh cinnteach. Ma tha ùidh agad ann an susbaint Ghàidhlig mu thràth, bidh fios agad gu bheil diofar dhaoine aig diofar ìrean a thaobh fileantais. Tha sinne den bheachd gur e deagh chothrom a th’ ann do sgilean Gàidhlig a leasachadh is an cleachdadh nas trice. Tha an t-uabhas goireasan ri fhaotainn airson do chuid sgilean cànain a leasachadh, agus ma dh’fhaoidte gum b’ urrainn dhut do mhisneachd a thogail tro bhith a’ cleachdadh Gàidhlig air nam meadhanan sòisealta.


Top tip againne:

Na smaoinich cus mu dheidhinn, còrdaidh e ri daoine an t-susbaint agad fhaicinn, agus thig ur cuid sgilean air adhart as dèidh ùine.


“Chan eil mi a’ faireachdainn misneachail air beulaibh camara”


Mar as trice a nì thu rudeigin, ’s ann nas nàdarra a bhios e a’ faireachdainn.


Top tip againne:

Dèan practas ro làimh le bhith a’ bruidhinn ris a’ chamara mu dheidhinn cuspair gu tur eadar-dhealaichte air a bheil thu eòlach agus cofhurtail leis. Bidh thu a’ bruidhinn nas nàdarra is an uair sin, faodaidh tu coimhead air ais air an dòigh air an robh thu a’ bruidhinn agus a’ gluasad, is cleachd na rudan a dh’ionnsaich thu airson clàradh an cuspair ceart air a dh'fheumas tu bruidhinn. Às dèidh greis, bidh thu a’ bruidhinn ris a’ chamara mar a bhios tu a’ bruidhinn ri caraid.


Airson barrachd ionnsachadh mu bhith a’ fàs nas cofhurtaile air beulaibh camara, seo molaidhean eile sgoinneil bho SproutSocial.


Chan fheum an t-susbaint agad a bhith co-cheangailte ri bhidiothan nas motha, dh’fhaodadh tu sgeulachd innse tro dhealbhan cuideachd, tha sinn a’ faicinn sin tòrr nas trice sna làithean-sa. ’S urrainn dhuinn seo fhaicinn tòrr nas trice air TikTok mar dhealbhan ‘slideshow’ a-nis, a bharrachd air na dealbhan ‘carousel’ air a bheil sinn eòlach air Instagram.


“Chan eil gu leòr ùine agam”


Tuigidh sinn seo, gu tric tha e a’ faireachdainn nach eil gu leòr uairean san latha. Ach, tha moladh no dhà againne dhuibh a dh’fhaodadh a bhith taiceil ma tha thu beagan gann de ùine.


Sgrìobh liosta de na beachdan agad nuair a nochdas iad, ’s mar sin, nuair a tha ùine agad, chan fheum thu suidhe is a’ beachachadh dè tha thu dol a dhèanamh, tha na beachdan agad uile ann mu thràth.


Cruthaich barrachd na aon phìos susbaint aig an aon àm no ‘batch creating’ mar a chanas cuid aca air. Cuir seachad beagan ùine gus seo a dhèanamh is an uair sin chan fheum thu smaoineachadh a-rithist mu dheidhinn airson greis, an àite a bhith a’ dèanamh aon phìos susbaint gach turas.


Smaoinich mu dheidhinn ùrlar-phlanaidh a chleachdadh mar Hootsuite no LaterMedia. ’S urrainn dhut gach pìos susbaint a chuir a-steach don inneal agus nì e luchdadh suas aig àm a tha freagairt dhut fhèin.


Tha sinn an dòchas gun toir seo beachd no dhà dhut ma tha ùidh agad ann a bhith a’ cruthachadh susbaint.


Gabh spòrs agus ma chruthachais sibh susbaint, dèan cinnteach gun cuir thu tag oirnn!


Cleachd #càrn gus nach caill sin e!



0 comments

Recent Posts

See All

Comments


bottom of page