Aig cridhe càrn, tha susbaint fèin-chruthaichte Gàidhlig (user-generated content, no ugc). Ach, dè th’ ann?
Canaidh tu susbaint ‘fèin-chruthaichte’ ri susbaint a chaidh fhoillseachadh le daoine gu nàdarra. Tha cuid ag ràdh gur e seo an susbaint as ‘ùghdarraile’ a tha ri fhaighinn.
Faodaidh susbaint fèin-chruthaichte nochdadh ann an diofar dhòighean leithid dealbhan, bhidiothan, lèirmheasan, pod-chraolaidhean is iomadh dhòighean eile.
Thathar ag ràdh a rèir an algorithm gu bheil susbaint fèin-chruthaichte mar uidheam-rèiteachaidh (engagement tool) math airson nam meadhanan sòisealta oir tha e “a’ togail còmhradh agus coimhearsnachd” far am faod luchd-leantainn a dhol an sàs ann.
Tha Hootsuite ag ràdh gur e seo aon de na prìomh seòrsachan susbaint a tha a’ còrdadh ri Gen-z oir tha e a’ faireachdainn nas nàdarra na luchd-buaidh (influencers) a chaidh a phàigheadh airson susbaint a chruthachadh.
Agus ’s ann airson nan adhbharan sin a tha susbaint fèin-chruthaichte aig cridhe càrn. Tha sinn ag amas air ar coimhearsnachd làidir a thaisbeanadh ann an dòigh a tha nàdarra agus ùghdarrail, gus daoine a bhrosnachadh agus ceanglaichean ùra a stèidheachadh.
A bheil ùidh agad ann a bhith na neach-cruthachaidh UGC? Leugh 'How to Become a UGC Creator' airson tuilleadh fiosrachaidh.
Clachan beaga, càrn mòr
Cuimhnich #càrn a chleachdadh gus nach caill sinn an t-susbaint agad
Opmerkingen