top of page

càrn aig a' Mhòd

Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil barrachd na seachdain air a bhith ann on a bha càrn aig a’ Mhòd. Diciadain seo chaidh, fhuair sinn cothrom siubhal chun a’ Mhòid ann am Peairt gus càrn a shealltainn do luchd-èisteachd mar phàirt de Latha Litreachais.


Airson beagan cnuasachaidh, tha càrn ann airson a bhith a’ taisbeanadh agus a’ comharrachadh neart agus beairteas coimhearsnachd didseatach na Gàidhlig tro bhith a’ foillseachadh susbaint fèin-chruthaichte. Bha luchd-cruthachaidh Gàidhlig cuideachd an làthair, is iad a’ toirt taic dhuinn gus an iomairt a thaisbeanadh. Is iad: Mark (@the_cooksmith), Raonaid (@craic_le_kellow), Somhairle (@s0mhairle) is mi fhìn Lauren (@oiseanlauren).


’S e talla thrang a bh’ ann le measgachadh de dhiofar aoisean, agus b’ e deagh chothrom a bh’ ann càrn a thaisbeanadh do dhaoine ùra agus a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn Gàidhlig air na meadhanan sòisealta san fharsaingeachd. Taing cuideachd do na daoine a thug ceistean dhuinn ro làimh airson a fhreagairt air an latha. Seo criomagan den tachartas.


1) Carson a thòisich thu a’ cruthachadh susbaint sa Ghàidhlig?


Airson a’ mhòr chuid den luchd-cruthachaidh, thàinig na cunntasan aca a-mach às a’ ghlasadh, far an robh ùine a bharrachd aig daoine gus na cur-seachadan aca a thaisbeanadh is iad a’ lorg cothroman a bharrachd airson na Gàidhlig aca a chleachdadh.

Mhothaich iad gur e coimhearsnachd taiceil a bh’ ann agus mar sin, chùm iad orra. Thuirt Somhairle (@s0mhairle) gun do chuir esan an àirde aon bhidio sa Ghàidhlig is chaidh e beagan ‘bhìoral’, is thug sin misneachd dha a bhith a’ cruthachadh barrachd susbaint sa Ghàidhlig.


2) A bheil e cudromach Gàidhlig fhaicinn air na meadhanan sòisealta, agus carson?


Is e tidsear àrd-sgoile a th’ ann an Raonaid (@craic_le_kellow) gu làitheil, is thuirt ise gu bheil tòrr de na sgoilearan aice a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta tric, ’s mar sin tha e glè chudromach Gàidhlig a shealltainn ann an dòigh ‘nàdarra’ mar seo is gu bheil sinn a’ cleachdadh Gàidhlig mar chànan airson conaltradh ri daoine an àite dìreach ga fhaicinn air na meadhanan eile mar TBh is rèidio no san sgoil.


3) Dè am buannachd as motha a fhuair thu bho bhith a’ cruthachadh susbaint sa Ghàidhlig?

Thuirt an luchd-chruthachaidh san fharsaingeachd gu bheil iad air caraidean ùra a choinneachadh tro na cunntasan aca is tha iad air ceanglaichean agus diofar chothroman fhaighinn a-mach às. Am measg na h-iomadh deagh chothroman a tha air nochdadh dhaibh, thuirt Mark (@the_cooksmith) gu bheil e a-nis na phreasantair air prògram rèidio air sgàth ’s gum faca daoine an t-susbaint Ghàidhlig air na duilleagan aige.


4) Dè an rud as doirbhe mu dheidhinn a bhith a’ cruthachadh susbaint sa Ghàidhlig?


Bha a h-uile duine ag aontachadh gur e trioblaidean a thaobh ùine agus teicneòlas na rudan as dorra mu dheidhinn. Tha obair làn-ùine aig a h-uile neach-cruthachaidh a bha an làthair, is thuirt iad gu bheil e doirbh uaireannan ùine a lorg gus susbaint a chruthachadh oir tha iad ro thrang. Cuideachd, tha cùisean nas duilghe leis gu bheil feum aca a bhith a’ gearradh agus fo-thiotalan a chuir air a h-uile pìos susbaint aca, is chan eil càil ann an-dràsta a bheir taic dhut le sin, ann an coimeas ris na tha ri fhaighinn sa Bheurla.


5) Dè chanadh tu ri cuideigin a tha airson susbaint Ghàidhlig a chruthachadh?

Chùm Raonaid sìmplidh e, is thuirt i: “Dìreach dèan e!” is bidh daoine ann a bhios gad bhrosnachadh is a’ toirt taic dhut. Bha Somhairle ag ràdh nach eil feum ann airson cunntas Gàidhlig a bharrachd a chruthachadh dhut fhèin gus susbaint a dhèanamh, is gu bheil e a’ cheart cho feumail rudan beaga mar caipsean dà-chànanach a chur suas air na meadhanan sòisealta pearsanta agad, is bidh am misneachd agad a’ fàs beag air bheag.


Bha e cho math a bhith a’ coinneachadh ri daoine san luchd-èisteachd às dèidh làimh gus na beachdan aca a chluinntinn mu dheidhinn an iomairt agus an t-slighe air adhart airson Gàidhlig air na meadhanan sòisealta. Taing mhòr a-rithist do na daoine a thàinig a chèilidh oirnn, na daoine a chur teachdaireachd thugainn is do na luchd-cruthachaidh agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail a tha air taic a thoirt dhuinn gus seo a thoirt gu buil.







0 comments

Comments


bottom of page